'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ávila (IPA: aβila). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Ávila a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Ávila fad 8,050km²[3] agus tha 172,704 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 30mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an ceathramh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Madrid, Salamanca, Segovia, Toledo agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.