'S e provincia na Spàinne a tha ann an Segovia (IPA: seˈɣoβja). Tha e na laighe ann an Castilla y León, ann am meadhan na dùthcha. 'S e Segovia a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Chastilla y León i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Segovia fad 6,796km²[3] agus tha 164,169 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 37mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an treas as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Ávila, Burgos, Guadalajara, Madrid, Soria agus Valladolid.[5] 'S e dìreach Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.