Seac MacConaill
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach poileataigs a tha ann an Seac MacConaill (Beurla: Jack McConnell). Rugadh e 30 an t-Ògmhios, 1960 ann an Irbhinn, taobh a tuath Siorrachd Àir.
B' e ceann a' Phàrtaidh Làbarach Albannach a th' ann agus b' e Prìomh-Mhinistear na h-Alba a bh' ann mus do bhuannaich Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba an taghadh ann an 2007.[1]
Ged a chaidh a bhreith an Irbhinn chuir e seachad òigridh air tuathanas chaora air Eilean Arainn. Aig aois sia-deug ghabh e pàirt ri Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ach cha do dh'fhuirich e ann robh fhada. An deidh dhol gu Àrd Sgoil Arainn chaidh e rannsachadh foghlam aig Oilthigh Sruighlea far an robh e na cheannard tarsainn air a' Chomann Oileanach. A ceumnachadh ann an 1983 thoisich e ag obair mar maighstir a' teagasg eòlas-àireamh ann an Alamhagh, Siorrachd Chlach Mhanainn agus chum e an obair seo fhad 's a bha e na chomhairliche.
Ghabh e dreuchd mar Rùnaire am Pàrtaidh Làbarach ann an 1992. Rinn e adhartas mòr le mar a dh'obair e mu an taghaidh an 1997 nuair a bhuannaich na Làbaraich gu mòr. Bho 1999 sheas e mar Ball-Pàrlamaid anns a' chiad thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann an Tobar na Màthar agus Wishaw Thug Dòmhnall Mac an Deòir, a' chiad Prìomh Ministear na h-Alba, obair dha mar Rùnaire Ionmhasail. Le bàs Dewar an 2000 sheas MacDhòmhnaill an aghaidh Eanraig MacGillÌosa anns an taghaidh airson ceannard ùr am Pàrtaidh agus Prìomh-Mhinistear ùr Alba ach chaill e. Na àite dh'obair e mar Rùnaire Foghlam, an Roinn-Eòrpa agus Cùisean a-Muigh fo MhacGillÌosa. An dèidh do MacGillÌosa a dhreuchd fhàgail an dèidh sgannal ghabh MacConaill àite mar am Prìomh-Mhinistear as aonais co-fharpais sam bith. Chaidh e na bhall Taigh nam Morairean ann an 2011 agus tha an tiotal Am Morair MacConaill à Gleann Sgoradail aige.[2]
Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2004.[3]