Eanraig MacGillÌosa
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach poileataigs agus an dara prìomh-mhinistear a bh' aig Pàrlamaid na h-Alba, an dèidh Dhòmhnaill Mhic an Deòir, a tha ann an Eanraig MacGillÌosa (Beurla: Henry McLeish).
Rugadh e 15 an t-Ògmhios 1948) ann am Fìobha agus thogadh e ann am Meadhchill. Chluich e ball-coise airson Leeds United agus Fìobha an Ear nuair a bha e òg mus do robh e na oileanach ann an Oilthigh Heriot-Watt.[1]
Chaidh e na BhP airson Fìobh Meadhanach ann an 1987 agus BPA airson Fìobh Meadhanach ann an 1999. Bha e san dreuchd mar phrìomh-mhinistear na h-Alba bho 2000 chun an 8mh den t-Samhain 2001. Dh'fhàg e a' phàrlamaid nuair a thàinig e am follais gun robh e a' faighinn airgead tro bhith a leigeil pàirt den oifis roinn-taghaidh aige air mhàl gun cead no gun a bhith ag innse mu dheidhinn mar a bu chòir.[2]
Bha e na chathraiche Coimisean Prìosanan na h-Alba a thug cunntas ann an 2008.[3]