Pontevedra (provincia)
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e provincia na Spàinne a tha ann am Pontevedra (IPA: ponteˈβɛ.ðɾa). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Pontevedra a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Pontevedra fad 4,495km²[3] agus tha 963,511 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 45mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 16mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le A Coruña, Lugo, Ourense agus A' Phortagail.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.
Pontevedra
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Prìomh-bhaile | Pontevedra | ||||
Stèidhichte | 1833 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 4,495 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 963,511 (2014) | ||||
Dlùths | 214.35/km² | ||||
Àireamh fòn | + (986) | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas na Roinne |