'S e provincia na Spàinne a tha ann an Ourense (IPA: owˈɾɛnse, Spàinntis: Orense). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Ourense a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Lugo fad 7,273km²[3] agus tha 333,257 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 36mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 39mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le León, Lugo, Pontevedra, Zamora agus A' Phortagail.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.