Henry Whyte (Fionn)
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e sgrìobhadair Gàidhlig agus neach-iomairt a bh' ann an Henry 'Fionn' Whyte', no Eanraig MacGhille-bhàin (1853- 28 An Dùbhlachd 1913).[1] Bha e 'n sàs gu mòr ann an Còmhstrì an Fhearainn. Rugadh e ann an Eilean Èisdeal an Earra-Ghàidheal.[1] Sgrìobh e iomadach colbh-beachd agus artaigil a bha a' rannsachadh chuspairean poilitigeach.[2] Bha na h-artaigilean aige a' nochdadh gu tric ann an Oban Times no ann an iris An Gaidheal.[2] Dh'eadar-theangaich esan, no 's dòcha a bhràthair, Iain,[3] Achd nan Croitearan bho Bheurla gu Gàidhlig.[4] B' e a bhràthair Iain Whyte, no Iain Bàn Òg, sgrìobhadair agus eadar-theangaiche Gàidhlig cuideachd.
Quick Facts Beatha, Breith ...
Henry Whyte (Fionn) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Eilean Èisdeal, 1852 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1913 |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Far-ainmean | Fionn |
Close