Eilean Èisdeal
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Eilean Èisdeal no dìreach Èisdeal aon de na h-Eileanan Sglèat (còmhla ri Luinn, Eilean nam Beitheach, Saoil, agus grunn eileanan beaga eile). A rèir cunntas-sluaigh 2011 bha 59 duine a' fuireach anns an eilean. [1]
Thathar a' creidsinn gur e freumh-fhacal an ainm eas + dal (Lochlannais air gleann), ged nach eil easan no glinn air an eilean, ach a rèir mith-sgeul an eilein, 's ann a èist thall a thàinig an t-ainm.