Dòmhnall Mac na Ceàrdaich
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e bàrd Gàidhlig a bh' ann an Dòmhnall Mac na Ceàrdaich (5 an Dùbhlachd 1885 - 1932) (Beurla: Donald Sinclair).
Quick Facts Beatha, Breith ...
Dòmhnall Mac na Ceàrdaich | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Barraigh, 5 dhen Dùbhlachd 1885 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1932 |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus bàrd |
Gnè ealain | bàrdachd |
Close
Rugadh e air 5 Dùbhlachd 1885 ann am Barraigh. Bha e ag obair mar iasgair airson greiseig còmhla ri athair, agus as dèidh sin, chaidh e a Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e dreuchd, agus chuir e seachad iomadh bliadhna ann am Manchester.[1] Bha e a' sgrìobhadh dhealbhan-chluiche cuideachd, mar eisimpleir Dòmhnall nan Trioblaid agus Suirighe Raghnaill Mhaoil.[1] Chaochail e ann an 1932 nuair a bha e fhathast gu math òg.[2]
Ann an 2014, chaidh cruinneachadh de a shaothair fhoillseachadh: nam measg bàrdachd, òrain, dealbhan-clùiche, aistean, sgeulachdan agus eadar-theangachaidhean.[3]