Barraigh
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eilean deasaich nan Innse Gall a tha ann am Barraigh neo Eilean Bharraigh. Tha ainm an eilein a' ceilearadh misionaraidh Èireannach dom b' ainm Fionn-Barr. A rèir traidisean, thàinig Fionn Barr gu h-Alba le Calum Cille. Is e eilean beag a tha ann, mu seachd mìle o cheann gu cheann.
Barraigh | |
Sealladh air Bàgh a' Chaisteil | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Comhairle nan Eilean Siar |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan an Iar |
Co-chomharran | 56° 57′ 17″ T 7° 29′ 14″ I |
Comharradh-clèithe | NL665982 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,377.5 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,174 (2011[1]) |
Dlùths | 0.49/km² |
Tha cala math aig Bàgh a' Chaisteil air taobh deas an eilein, far a bheil lamraig le alt-aiseig. Tha am bàgh ainmichte airson Caisteal Chiosmuil, seann chathair MhicNèill.
Seòlaidh bàta-aiseig dhan Òban, 3 uiread 's seachdain rè a' gheamhraidh.
Is e àireamh-sluagh an eilein 1174 ceann daoine, an cuid as motha dhaibh nan Caitligich. Tha 761 nan luchd-labhairt na Gàidhlig (62%) a' fuireach anns an eilean.[2]
Rinn Compton Mackenzie am film Whisky Galore ann am Barraigh. Chaidh a thìodhlacadh ann an Eòlaigearraidh.