Bhatarsaigh
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e fear de na h-Eileanan Siar a tha ann am Bhatarsaigh (Beurla: Vatersay),[2] am fear as fhaide mu dheas anns a bheil daoine a-nis a’ fuireach. Tha Bhatarsaigh ainmeil an eachdraidh airson cùis Raiders Bhatarsaigh. Chaidh deichnear a chur don phrìosan an Dùn Èideann ann an 1908 agus chaidh eachdraidh iomairt Bhatarsaigh innse tro mheadhan na Gàidhlig le Aonghas MacLeòid agus Lisa Storey anns an leabhar Bhatarsaigh agus na Raiders.[3] Bho 1991 tha e air a bhith ceangailte ri Barraigh le cabhsair. Chaidh sgoil Bhatarsaigh a dùnadh ann an 1994.[4]
Bhatarsaigh | |
Bàgh a Deas, Bhatarsaigh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Comhairle nan Eilean Siar |
Innis-mhuir | Na h-Eileanan an Iar |
Co-chomharran | 56° 55′ 10″ T 7° 32′ 11″ I |
Comharradh-clèithe | NL632945 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 90 (2011[1]) |