Tiriodh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha eilean Thiriodh anns na h-Eileanan a-staigh, don iar-dheas air Eilean Cholla. Tha e suidhichte ann an Roinn Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bhòid. 'S e eilean ìosal, torrach a th' ann agus a bharrachd air turasachd 's e croitearachd am beòshlaint as motha aig muinntir an eilein. Fhad 's a bha 770 duine a' fuireach ann an Tiriodh anns a' bhliadhna 2001, a rèir cunntas-sluaigh cha robh ach 653 duine a' fuireach anns an eilean ann an 2011.[1] Tha tòrr luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Tiriodh (38.3% a-rèir Cunntas-sluaigh 2011), ceudachd àrd airson nan Eileanan a-Staigh.
'S e Sgairinis prìomh-bhaile Thiriodh. Bidh bataichean-aiseig a' seòladh a Sgairinis gu ruige Àirigh nan Gobhar air Colla agus an t-Òban air tìr-mòr Alba. Tha cuideachd port-adhair beag faisg air a' bhaile. A-measg bailtean eile an eilein tha Haoidhnis agus Sanndaig, le taighean-tasgaidh beaga 'san dà chuid.
Tha Tiriodh cliùiteach air sgath an Dùin Mhòir, borg bhon chiad linn RC ann am Bhalla,[2] Clach a' Choire, clach snaidhte àrsaidh agus airson eòin rubha Cheann a' Bhara. Thathar a' tighinn a Thiriodh cuideachd airson seòladh-clàir agus tha stèisean-rèadair air an eilean a tha a' cumail sùil air plèanaichean catharra.