Stuttgart
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile uabhasach mòr ann an ceann a deas na Gearmailte a th’ ann Stuttgart (IPA: 'ʃtʊtɡaɐ̯t, Swabiche: Schturget). 'S ann às an t-seann Ghearmailtis stuotgarten, a tha a’ ciallachadh gàrradh nan each anns a’ Gàidhlig, a th’ ann an t-ainm.[1] Tha e suidhichte aig 245m os cionn ìre na mara, ri taobh na h-aibhne Neckar, anns an stàit Baden-Württemberg agus ‘s e prìomh-bhaile na stàite a th’ ann cuideachd. Tha am baile 512km air falbh bho Bherlin, 195km bho München agus 161Km bho Zürich, thall anns An Eilbheis.[2] Tha 606,588 dhe dhaoine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an 6mh baile as motha na dùthcha[3] agus tha mu 2.7 muillean anns an sgìre mu thimcheall a’ bhaile.[4] Tha na Beanntan Jura, an Coille Dhubh (Gearmailtis: Schwarzwald) agus gàrraidhean fìona uile air iomall a’ bhaile.
Stuttgart
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Stuttgart | ||||
Sgìre | Baden-Württemberg | ||||
Co-chomharran | 48° 46 43' Tuath 09° 10 46′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 207.36 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 606,588 (2010) | ||||
Dlùths | 2,925.29/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 0711 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.stuttgart.de |