Slèite
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Slèite fear de na còig rubhan mòra a tha a' dèanamh còmhla an t-Eilean Sgitheanach.
Thàinig an t-ainm Sléite neo Sléibhte bhon fhacal Seann Lochlannais "sléttr", a tha a’ ciallachadh: "rèidh, sèimh". [1] An déidh 1981 dh' atharraich an t-ainm gu Slèite.
Seo cuid de na bailtean agus seann bhailtean ann an Sléite:
- Drum Fheàrna
- Ceann a’ Loch
- Dùisdeil Mhór
- Dùisdeil Bheag
- Eilean Iarmain
- Camas Cros
- An Cruard
- Bràigh an Ùird
- Torrabhaig
- An Cnoc
- An Teanga
- Sàsaig
- Fearann Dòmhnaill
- A’ Chill Mhór
- A’ Chill Bheag
- Ostaig
- Armadal
- Àird a’ Bhàsair
- A' Chaligaraidh
- An Tòrr Mór
- Capasdal
- An Àird
- Rubha Shléite
- Càradal
- Na Gilean
- Achadh na Cloiche
- Tarsgabhaig
- Tòcabhaig
- An Òrd.
Tha a’ cholaiste Ghàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite.