Sitges
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile agus port ann an Catalòinia (An Spàinn) a th' ann an Sitges (IPA: sidʒəs). Tha e suidhichte aig 10m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Garraf (Roinn Bharcelona). Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1041. 'S e catalanais a tha ga bruidhinn an seo. Ged a bha tòrr ghnìomhachas ann ro Chogadh Sìobhalta na Spàinne 's e turasachd-tràighe a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol an latha an-diugh, gu seachd-àraidh turasachd-ghèidh.[1] Tha 28,269 duine a' fuireach ann.[2]
Sitges
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Catalòinia An Spàinn | ||||
Ceàrn | Garraf | ||||
Sgìre | Barcelona | ||||
Co-chomharran | 41° 12′ 02″ Tuath 01° 48′ 15″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 43.8 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 28,269 (2014) | ||||
Dlùths | 645.41/km² | ||||
Àireamh fòn | 93 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |