Ratharsair
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eilean fada caol air taobh an ear an Eilein Sgitheanaich a th' ann an Ratharsair. Chanaidh cuid Ratharsaigh, ach chan eil ann an sin ach cruth Gàidhealach air an t-ainm Beurla: Raasay.
Ratharsair | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Sgìre | Gàidhealtachd |
Innis-mhuir | An t-Eilean Sgiathanach |
Co-chomharran | 57° 22′ T 6° 1′ I |
Comharradh-clèithe | NG579395 |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 62.4 km² |
Àireamh-shluaigh | 161 (2011) |
Dlùths | 2.58/km² |
Cheannaich George Rainy, a bha an sàs ann am malairt thràillean agus a bhuannaich airgead-dìolaidh an dèidh don cur às do thràilleachd, Ratharsair airson 35,000 ginithean ann an 1846.[1] An dèidh do Rainy chaidh an t-urras gu George Haygarth Rainy (1863–1872), George G. MacKay (1872–1874), William James Armitage (1874–1876) agus Edward Herbert Wood (1876–1911). Cheannaich William Baird and Company, Ironmasters of Coatbridge an t-urras ann an 1911 is stèidhich iad mèinnean-iarainn. Cheannaich Bùird Àiteachais na h-Alba an t-urras ann an 1923 is chaidh pàirt dhen urras gu Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 1979. Cheannaich a' coimhearsnachd e ann an 2007.[2]