Port nan Long
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag ann an iar-thuath an Eilean Sgitheanaich a tha ann am Port nan Long (Beurla: Portnalong).[1][2] Tha e suidhichte air an B8009 faisg air bruach Loch Harport agus timcheall air 4km (2.5 mìle) tuath air Càrrabost. Chaidh am baile a stèidheachadh le croitearan à Leòdhas agus na Hearadh ann an 1921.[3]
Port nan Long | |
Sealladh air a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Comhairle na Gàidhealtachd |
Sgìre | An t-Eilean Sgitheanach |
Co-chomharran | 57° 19′ 31.72″ Tuath 6° 24′ 26.75″ Iar |
Comharradh-clèithe | NG348347 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile croitearachd a th' ann am Port nan Long. Còmhla ri Fiosgabhaig tha 69 croitearan a' ruith nan caorach aca air a' choitcheann.