Pete Wishart
neach-poileataigs à Alba / From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-ciùil is neach-poileataigs à Alba a tha ann am Pete Wishart. Rugadh is thogadh e ann an Dùn Phàrlain is bha e na sgoilear aig Queen Anne High School an sin.[1] Chaidh e san còmhlan-ciùil Big Country 18 bliadhna a dh'aois agus an sin Runrig airson 15 bliadhna. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid Westminster airson Taobh Tatha a Tuath ann an 2001 is Peairt agus Siorrachd Pheairt a Tuath ann an 2005. Sheas e mar thagraiche airson neach-labhairt Taigh nan Cumantan ann an 2019.[2] Chaidh a thaghadh mar chathraiche Comataidh Thaghte nan Cùisean Albannach ann an 2020.[3]
Quick Facts ball 53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, ball 54mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...
Close