Parton
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is docha tha sibh a' lorg partan neo Dolly Parton
Parton | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 01′ 64" Tuath[1] 4° 43′ 86" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01644 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Caisteal Dhùghlais air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Parton. Tha e suidhichte aig 61m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Crois Mhìcheil agus Clachan Eòin, ri taobh na h-aibhne Dhè. Tha e 56km air falbh bho Dhùn Phrìs, 150km bho Glaschu, 100km bhon An t-Sròn Reamhar agus 156km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann am Parton, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas.