Lios Mòr
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e aon de na h-Eileanan a-staigh a tha ann an Lios Mòr (IPA: [ʎis̪ moːɾ]) Tha e suidhichte san àird an iar na h-Alba. Tha e san àird an earra-thuath Mhuile ann an Loch Dubh. Bha an t-eilean aig an t-Siorrachd tradaiseanta Earra-Ghaidheal; a-nise tha e fo smachd Comhairle Earra-Ghaidheal agus Bòd.
Tha Lios Mòr 12 cilemeatair a dh’fhad agus 2 cilemeatair a leud le 5,809 acair ceàrnagach de mheud. 'S e Achadh na Croise am baile as motha. 'S e Barr Mòr (127 meatair; 416.7 troigh) a’ bheinn as àirde anns an eilean. Tha Taigh-solais Lios Mhòir suidhichte ann an Eilean Musdile san àirde an iar deas Lios Mhòir. Chaidh an taigh-solais a thogail le Robert Stevenson. Tha broch Cruithneach faisg air Tirfuir, tha na ballaichean aige cho àrd ri 15 troighean agus cho tiugh ri 19 troighean. Cuideachd tha dà chaisteal às an 13mh linn ann, Caisteal Choeffin agus Caisteal Achadh an Dúin.
Anns a’ bhliadhna 2001 bha 146 duine a' fuireach ann. [1] A rèir cunntas-sluaigh 2011 tha 192 duine a' fuireach a-nis ann an Lios Mòr. [2] Tha dìreach aon bhùth ann, far a bheil oifis a' phuist cuideachd. Tha bun-sgoil ann an Lios Mòr ach airson àrd-sgoil feumaidh a' chlann a dhol don Òban.
Tha Lios Mòr ceangailte le Tìr mòr na h-Alba le dà aiseag. Tha an t-aiseag airson chàraichean a’ ruith don Òban, agus aiseag airson daoine a-mhàin eadar ceann a tuath na h-eilean agus Port na h-Apann.
B' àbhaist do Lios Mòr a bhith na teis-mheadhan Crìosdaidheachd. Bha manachainn ann a chaidh a chuir air bonn le Naomh Moluag, (530 - 592), manach à Èirinn co-aoiseach le Calum Cille. Anns na Meadhan-Aoisean bhiodh easbaigean Earra-Ghàidheal a’ fuireach ann an Caisteal Achanduin gus an 16mh linn.