Inbhir Pheofharain
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e Inbhir Pheofharain[1] (IPA:/'iɲɪɾʲ 'fjɔhəɾan/) no Baile Chàil[2] (Beurla: Dingwall no Bailechaul) am prìomh-bhaile ann an Siorrachd Rois. Tha e suidhichte mu dhà mhìle dheug air falbh bho Inbhir Nis fo dhubhar Bheinn Uais (3429’). Tha e air a bhith na Bhorgh Rìoghail fad barrachd air 780 bliadhna, a bheir cead dha malairt a dhèanamh tron t-saoghal. ’S e àite math a th’ ann airson faighinn gu àiteachan eile sa Ghàidhealtachd le rathadan agus an rathad-iarainn a’ dol deas tro Inbhir Nis, a’ dol an iar agus a’ dol tuath tro Inbhir Ghòrdain.
Inbhir Pheofharain
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Alba | ||||
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd | ||||
Siorrachd | Siorrachd Rois | ||||
Parraist | Inbhir Pheofharain | ||||
Co-chomharran | 57° 35′ 43.57″ Tuath 4° 25′ 34.05″ Iar | ||||
Comharradh-clèithe | NH549590 | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 5,026 (2001) | ||||
Àireamh fòn | 01349 | ||||
Còd-puist | IV15 | ||||
Duilleag oifigeil |