Haugh of Urr
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phris, air an àirde an iar-dheas na h-Alba, a th' ann an Haugh of Urr (A' Bheurla Ghallda: The Hauch). Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara,[1] ann an cridhe na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975), eadar Caisteal Dhùghlais agus Lochfoot, ri taobh an Uisge Urr. Tha e 20km air falbh bho Dhùn Phris agus Cille Chùithbeirt, 6km bho Dhail Beithich agus 140km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Bha dìreach 228 duine a’ fuireach anns a' bhaile ann an 1971,[3] agus 's e Beurla/Beurla Ghallda a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Haugh of Urr. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas, gu h-àraidh coilltearachd, gnothaich a' chruidhe, a' chaorach agus iasgach bradain.
Haugh of Urr/The Hauch | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 58' 41 Tuath 03° 52' 05 Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 228 (1971) |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Fiosrachadh mun pharraist |