Greifswald
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach air an àirde an ear-thuath na Gearmailte a th’ ann an Greifswald (IPA: ɡʁaɪfsvalt, Plattdüütsch: Griepswoold). 'S ann à Greif (grìbhean) agus wald (coille) a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 7m os cionn ìre na mara ri taobh na h-aibhne Ryck, faisg air na h-eileanan Usedom agus Rügen agus ri beulaibh na Baltach, anns an stàit Mecklenburg-Vorpommern, 110km air falbh bho Rostock, 225km bho Bherlin agus 264km bho Hamburg.[1] ‘S ann leis an sgìre Landkreis Vorpommern-Greifswald a tha am baile agus, le 56,445 duine a' fuireach ann, ‘s e an còigeamh baile as motha na roinne[2] a th'ann.
Greifswald (Griepswoold)
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Vorpommern-Greifswald | ||||
Sgìre | Mecklenburg-Vorpommern | ||||
Co-chomharran | 54° 6' Tuath 23° 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 50.5 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 56,445 (2013) | ||||
Dlùths | 1,117.72/km² | ||||
Àireamh fòn | 03834 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.greifswald.de/ |