Geàrrloch
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Geàrrloch (Beurla: Gairloch).[1] Tha am baile suidhichte air bruach Loch Gheàrrlochair taobh an iar-thuath na h-Alba.
Geàrrloch | |
Geàrrloch, meadhan a' bhaile | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Co-chomharran | 57° 43′ 40.8″ T 5° 41′ 27.6″ I |
Comharradh-clèithe | NG803769 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 740 (2011) |
Àireamh fòn | 01445 |
Còd-puist | IV21 |
Tha roinn turasachd as t-samhradh gu math cudromach airson a’ bhaile. Tha raon-goilf, taigh-tasgaidh beag, taighean-òsta agus Ionad Choimhearsnachd ann. Tha an stèisean-rèile as faisge aige ann an Achadh na Sìne.
Tha Rèidio dà Locha, an stèisean rèidio as lugha ann an Alba, stèidhichte ann an Geàrrloch.
Chaidh am bàrd Uilleam Ros a thìodhlacadh ann an Geàrrloch. B' e am "Bàrd Gheàrrloch" am far-ainm a bha air. Rugadh e anns an Eilean Sgitheanach ach bhuineadh teaghlach a mhàthar do Sgìre Gheàrrloch. Ghluais an teaghlach aige gu Geàrrloch far an robh e na mhaighstir-sgoile. Bha e ainmeil airson nan òran aige, gu h-àraid bàrdachd romansach.