Francisco de Paula Santander
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’ e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann am Francisco José de Paula Santander y Omaña (Cúcuta, 2 an Giblean 1792 – Bogotá, 6 an Cèitean 1840).[1] Bha e na cheann-suidhe Coloimbia Mòire eadar 7 an Dàmhair 1832 agus 1 an Giblean 1837 agus na leas-cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùire roimhe sin, eadar 3 an t-Samhain 1821 agus 1 an Giblean 1827. Buineadh Santander do theaghlach Uachdaran le freumhan anns An Spàinn agus bha a teaghlach aig an lùib siùcar, cofaidh agus Teòclaid a’ cinntinn anns na h-oighreachdan mòra a bh’ aca. An dèidh Gairm na Neo-eisimeileachd ann am Bogotá ann an 1810, ghabh Santander ri feachdan na Neo-eisimeileachd agus dh’fhàs e a bhith na shaighdear math, ged nach robh e a-riamh air an aon ràmh ri Simón Bolívar, air sàilleabh gu robh feallsanachd aige a thaobh an Riaghaltais. 'S e Santander a dhìon Cúcuta on Arm na Spàinne agus na rinn an iomairt anns A' Bheiniseala.[2]
Francisco de Paula Santander | |||
---|---|---|---|
7 dhen Dàmhair 1832 - 1 dhen Ghiblean 1837 ← José Ignacio de Márquez Barreto - José Ignacio de Márquez Barreto → | |||
Beatha | |||
Breith | Villa del Rosario (en) , 2 dhen Ghiblean 1780 | ||
Dùthaich | Coloimbia | ||
Bàs | Bogotá, 6 dhen Mhàrt 1840 | ||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||
Nàdar a’ bhàis | (gallstone (en) ) | ||
Teaghlach | |||
Cèile | Sixta Pontón de Santander (en) | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Naomh Tòmas Aquinas St. Bartholomew Major College (en) | ||
Cànain | Spàinntis | ||
Luchd-teagaisg | José Joaquín de Olmedo (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Seirbheis san arm | |||
Meur an airm | Arm | ||
Ìre | oifigeach coitcheann |
Phòs e aig Sixta Tulia Pontón y Piedrahita à Soacha ann an 1836 agus rug i triùir duine-cloinne dha. B’ e boireannach gu math beairteach a bh’ innte.[3] B’ fheudar dhaibh an dùthaich fhàgail ann an 1828 leis gu robhar a’ fàgail air Santander gu robh e an lùib iomairt airson Bolívar a mharbhadh. Thill e nuair a bhris an dùthaich às a chèile. Chaochail Santander ann an Bogotá ann an 1840, nuair nach robh e ach 48 bliadhna a dh’aois.[4] A dh’aindeoin seo, leig e dìleab mòr do Choloimbia agus thathar a' ràdh gur e Fear nan Laghan a bh' ann.[5] Chaidh an roinn Santander ainmeachadh air a shon.