Dòmhnall S. Moireach
From Wikipedia, the free encyclopedia
ʼS e sgrìobhaiche agus neach-teagaisg a tha ann an Dòmhnall S. Moireach (1956-), sloinneadh Dòmhnall Aonghais Dhòmhnaill Steaphain. Tha e aʼ sgrìobhadh sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Rugadh e ann an 1956 ann an Hamilton, thogadh e ann an Dail bho Dheas, sgìre Nis ann an Leòdhas, agus tha e a-nis aʼ fuireach ann an Sealtainn.
Dòmhnall S. Moireach | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Baile Hamaltan, 1956 |
Dùthaich | Alba |
Àite-fuirich | Sealtainn |
Foghlam | |
Cànain | Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus neach-teagaisg |
Gnè ealain | bàrdachd |
Choisinn e Caidreachas Robert Louis Stevenson, Caidreachas Jessie Kesson, agus fhuair e bursaraidh siubhail bho Alba Cruthachail airson rannsachadh a dhèanamh airson leabhar fiosrachaidh air gnìomhachas an sgadain. A dhà de na leabhraichean a sgrìobh e, SY StorY: A Portrait of Stornoway Harbour (ISBN 978-1-78027-260-3) agus The Guga Stone (ISBN 978-1-908373-74-8), bha iad air na Leabhraichean Nàdair na Bliadhna aig a' Ghuardian.[1]
Bha an cruinneachadh de sgeulachdan goirid leis Special Deliverance (ISBN ) san fharpais airson Duais Chomann Crann na Brataich. Tha e air deannan cruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh, nam measg Between Minch And Muckle Flugga, Praising The Guga, Speak To Us Catriona, agus West Coasters a bha san fharpais airson Duais-chuimhneachain Chaluim Dhòmhnallaich. Sgrìobh e leabhraichean aithriseachd leithid The Guga Hunters agus And On This Rock: Italian Chapel, Orkney, agus cruinneachaidhean de bhàrdachd is sgeulachdan leithid Small Expectations. Dh'fhoillsich e Weaving Songs ann an 2011 (ISBN 978-0861523832) mar chomharrachadh air ceud bliadhna de dh' obair aʼ Chlò Mhòir. Sgrìobh e an dealbh-chluich Sequamur.[2]