Dòmhnall Camshron
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Dòmhnall Camshron (Beurla: Donald Cameron).
Dòmhnall Camshron | |||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 Sgìre: A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - 9 dhen Ghearran 2024 Sgìre: A' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan Taghadh: Taghadh Albannach 2021
9 dhen Ghearran 2024 -
4 dhen Mhàrt 2024 - | |||||||||
Beatha | |||||||||
Breith | Achadh na Càiridh, 26 dhen t-Samhain 1976 | ||||||||
Dùthaich | Alba | ||||||||
Teaghlach | |||||||||
Athair | Donald Angus Cameron of Lochiel | ||||||||
Màthair | Lady Cecil Kerr | ||||||||
Cèile | Sarah Maclay (en) | ||||||||
Clann | |||||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||||
Fine | Clann Chamshron | ||||||||
Foghlam | |||||||||
Foghlam |
Oilthigh Chathair Lunnainn Oriel College (en) Sgoil Harrow | ||||||||
Cànain | Beurla | ||||||||
Dreuchd | |||||||||
Dreuchd | neach-poileataigs agus uas-fhlath | ||||||||
Creideamh | |||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Partaidh Tòraidheach na h-Alba |
Bha e na oileanach aig Oilthigh Oxford far an do dh'ionnsaich e eachdraidh. Theisteanaich e mar thagraiche ann an Sasann ann an 2002[1] agus chaidh e na thagraiche ann an 2005 ann an Alba agus fo-neach-tagraidh don Riaghaltas na h-Alba ann an 2009.[2] Thaghadh e mar bhall-liosta airson na Ghàidhealtachd agus nan Eileanan anns an taghadh Albannach 2016, nuair a chaidh e chur ann an rèim mar neach-labhairt Tòraidheach airson Slàinte agus Spòrs.[3] Chaidh e na stiùiriche poileasaidh Tòraidhich agus neach-labhairt Tòraidheach airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, Àrainneachd agus Ath-leasachadh Fearainn an dèidh don Taghadh coitcheann 2017[4] agus neach-labhairt airson Ionmhais ann an 2020 nuair a chaidh Jackson Carlaw na cheannard a' phàrtaidh.[5] Dh'fhàg e Pàrlamaid na h-Alba anns a' Ghearrain 2024 nuair a chaidh e na bhall Taigh nam Morairean.[6]