Cille Mheàrnaig
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile mòr ann an deas na h-Alba a tha ann an Cill Mheàrnaig[1][2] (Beurla: Kilmarnock).
Cill Mheàrnaig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Siorrachd | Siorrachd Inbhir Àir |
Co-chomharran | 55° 36′ 40″ Tuath 4° 29′ 45″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 13.4663 km² |
Àireamh-shluaigh | 43,588 (2001) |
Dlùths | 3,236.82/km² |
Àireamh fòn | 01563, còd-phostachd KA1-KA3 |
'S e Cill Mheàrnaig na phrìomh-bhaile ionadail Comhairle Shiorrachd Àir an Ear agus an dàrna baile as motha ann an Siorrachd Àir.
Tha grunn dòighean litreachaidh eile ann: Cill Mhearnaig,[3][4][5] Cill Mheàrnag,[6] is Cill-mheàrnag.[7]
Tha am baile ainmeil mar an t-àite far a chaidh a' chiad cruinneachadh òrain le Raibeart Burns Poems, chiefly in the Scottish dialect fhoillseachadh ann an 1786, agus airson a' cheangal aige ris a' chomharra-malairt uisge-beatha Johnnie Walker. Am measg nan seallaidhean sa bhaile tha carragh-chuimhne do Raibeart Burns, Dean Castle, stèisean- is drochaid-rèile agus meadhan a' bhaile air a tha "Kilmarnock Cross".
Tha a' chomhairle a' toirt fhoghlaim tro meadhan na Gàidhlig. Bha an t-ionad Gàidhlig aig Bun-sgoil Onthank gu ruige Caisge 2018, nuair an deach e ghluasad do Sgoil a' Choille Nuaidh.[8]