Ceartas
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e buidheann strì a th' ann an Ceartas a chaidh cur air bhonn ann an 1981 a chleachd innleachdan neo-fhòirneartach ann an iomairt airson na Gàidhlig agus airson chòraichean do luchd-labhairt na Gàidhlig. Pheant iad soidhneachan-rathaid, a' cur às dhe na h-ainmean-àite Beurla neo a' cur ainmean-àite Gàidhlig ris a' Bheurla, agus pheant iad sluagh-ghairmean air an rathad mar Ceartas airson na Gàidhlig. Chaidh Iain Mac an Tàilleir a chur an grèim agus fo chasaid mar bhall dhen bhuidhinn, ged nach deach a dhìteadh anns a' chùirt aig a' cheann thall. Anns a' chùirt, dh'fheuch Mac an Tàilleir ri Gàidhlig a labhairt ach chaidh casg a chur air.[1] Ann an 2009, thòisich sticearan Ceartas a nochdadh air feadh na h-Alba a-rithist.