Borgh (Siorrachd Chille Chuithbeirt)
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Port Aiseig a' Chrìch air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann am Borgh. Tha e suidhichte aig 69m os cionn ìre na mara,[1] ann am meadhan na roinne Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), eadar Taigh an Rathaid agus Cille Chuithbeirt. Tha e 47km air falbh bho Dhùn Phrìs, 115km bho Glaschu, 59km bhon An t-Sròn Reamhar agus 141km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[2] Tha dìreach 320 duine a’ fuireach anns a’ bhaile[3] agus 's e Beurla a th' ann a’ chiad chànain aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Achadh nan Càrn, ged an robh Gàidhlig fhathast beò ro 1700.[4] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas[5] agus turasachd, leis gu bheil Brighouse Bay mìle neo dhà air falbh.[6]
Borgh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 48′ 43" Tuath 4° 8′ 2" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 320 (2011) |
Àireamh fòn | 01557 |
Duilleag oifigeil | Borgh aig Visit Scotland |