Barranquilla
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Roinne Atlántico ann an ceann a tuath Coloimbia a th' ann am Barranquilla ( ba.raŋ'ki.ja).[1] Tha Barranquilla suidhichte aig beul na h-aibhne Mhagdalena, air oirthir na Mara Chairibianach 948km air falbh bho Bhogotá.[2] 'S e an ceathramh baile as motha ann an Coloimbia, an dèidh Bogotá, Medellín agus Cali. [3] Bha àireamh sluaigh dhe 1,146,395 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.[4] 'S e Barranquilla an 33mh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[5] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1639.
Barranquilla
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Atlántico | ||||
Àirde | 4m - 98m | ||||
Co-chomharran | 10° 59' 16' Tuath 074° 47' 20' Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 166 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,146,395 (2005) | ||||
Dlùths | 6,905.99/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Riaghaltas Bharranquilla |