'S e provincia na Spàinne a tha ann am Badajoz (IPA: baðaˈxoθ, Estremeñu: Baajós). Tha e na laighe ann an Extremadura, ann an ceann a deas na dùthcha. 'S e Badajoz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Andalusia i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Badajoz fad 21,766km²[3] agus tha 693,921 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 24mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Cáceres, Ciudad Real, Córdoba, Huelva, Sevilla agus A' Phortagail.[5] 'S e Spàinntis dìreach a tha ga bruidhinn an seo.