Ath Crogaid
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Dhùn Phris a th' ann an Ath Crogaid (Beurla/Beurla Ghallda: Crocketford).[1] Tha e suidhichte aig 143m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A75 eadar Lochfoot agus Springholm, ri taobh Loch Baile a' Mhuilinn agus Loch Auchenreoch.[3] Tha e 258km air falbh bho Obar Dheathain, 96km bho Ghlaschu, 26km bho Chille Chuithbeirt agus 109km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Ath Crogaid. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha talla a' bhaile agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[4] Taobh fhoghlaim, chan eil sgoiltean ann is le sin feumar a dhol dhan bhun-sgoil ann an Springholm[5] agus dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.
Ath Crogaid | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 01′ 60″ Tuath 03° 49′ 60″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01556 |
Duilleag oifigeil | Duilleag na Coimhearsnachd |