An Eilreig
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns An Eilreig (Beurla/Beurla Ghallta: Elrig). Tha e suidhichte aig 65 m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Am Magh Crom agus Achadh na Meilge. Tha e 305 km air falbh bho Obar Dheathain, 121 km bho Ghlaschu, 71 km bho Dhùn Phrìs agus 157 km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns An Eilreig. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann an Cill na Tràghad[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6] Tha baile eile ann dusan cilemeatair a-mach à Obar Dheathain leis an aon ainm.
An Eilreig | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Bhaile na h-Ùige |
Parraist | Am Magh Crom[1] |
Co-chomharran | 54° 57′ 45″ Tuath 04° 36′ 42″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01988 |
Còd-puist | DG8[2] |
Is e Elrig àite breith an ùghdair agus eòlaiche nàdair Gavin Maxwell, a rugadh aig Taigh Elrig. Chaidh an taigh a thogail ann an 1912 airson a phàrantan Aymer agus a ’Bhean Uasal Mary Maxwell leis na h-ailtirean Iain Stiùbhart & Seòras MacPheadrais. Tha aithris air òige na òige ann an Taigh Elrig, a chaidh fhoillseachadh ann an 1965. An taigh agus na gàrraidhean aige tha oighreachd teaghlaich prìobhaideach gun ruigsinneachd poblac.