Am Baile Sear
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e Am Baile Sear (Beurla: Baleshare) eilean anns na h-Eileanan Siar. Tha e an iar-dheas air Uibhist a Tuath.
Tha e gu math rèidh agus chan eil e ag èirigh ach 12 meatairean os cionn ìre na mara.
Tha e aithnichte airson tràigh fada. Tha dà chlachan ann, Samhla agus Teananachar. Tha 49 daoine a' fuireach ann.
Thogadh cabhsair eadar an t-eilean agus Uibhist ann an 1962 le William Tawse Ltd.[1]