Aleksey Leonov
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e paidhleat, speuradair agus saighdear às an Aonadh Sobhiat a th' ann an Alexey Arkhipovich Leonov (Ruisis: Алексе́й Архи́пович Лео́нов, IPA: ɐlʲɪˈksʲej ɐˈrxʲipəvʲɪtɕ lʲɪˈonəf, Listvyanka, 30 an Cèitean 1934). B' e Leonov a' chiad fhear a choisich san fhànas a-riamh, air 18 am Màrt 1965. Mhair an sgrìob taobh a-muigh luinge-fànais aige 12 mionaid.[1] Theab e bhàsachadh leis gun do dh'fhàs an deise-fhànais aige air at agus cha b' urrainn dha till dhan long-fhànais ach a' leigeil ogsaidean a-mach.[2] Rinn e turas eile ann an 1975 nuair a thàinig na longan-fànais Apollo agus Soyuz ri chèile. Bha e os cionn sgioba-trèanaidh prògram-fànais na dùthcha aige bho 1976 gu ruige 1982.[3] 'S e sàr dhealbhadair a th' ann agus thug e peann is pàipear còmhla ris dhan fhànas: sheall e na dhealbhaich e shuas san fhànas gu Arthur C. Clarke is b' e seo a chleachd esan san nobhail aige 2010: Odyssey Two.[4]
Aleksey Leonov | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Listvyanka (en) , 30 dhen Chèitean 1934 |
Dùthaich |
An t-Aonadh Sobhiatach (1934 - 1991) An Ruis (1991 - 2019) |
Ciad chànan | Ruisis |
Bàs | Burdenko Hospital (en) , 11 dhen Dàmhair 2019 |
Àite-adhlacaidh | Federal Military Memorial Cemetery (en) |
Nàdar a’ bhàis | (Tinneas an t-siùcair) |
Teaghlach | |
Cèile | Svetlana Pavlovna Dozenko (en) |
Foghlam | |
Foghlam |
Acadamh Einnseanaireachd nam Feachdan Adhair Zhukovsky 1968) Kremenchuk flight college of National Aviation University (en) |
Àrd-fhoghlam | Candidate of Technical Sciences (en) |
Cànain | Ruisis |
Dreuchd | |
Dreuchd | military aviator (en) , speuradair, peantair, sgrìobhadair, pìleat cogaidh, taisgealaiche, oifigeach feachdan an adhair agus airman (en) |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Ballrachd |
fourth Civic Chamber of the Russian Federation (en) First group of Soviet cosmonauts (en) |
Ìre | Air Force major general (en) |
Neach-fànais | |
Miseanan | Voskhod 2 (en) Soyuz 19 (en) |
Bràistean nam miseanan | |
Ùine san fhànas | 10,112 minute (en) |
Creideamh | |
Pàrtaidh poileataigeach |
An Ruis Aonaichte Pàrtaidh Comannach an Aonaidh Shobhiataich |
IMDb | nm0503084 |