Alastair MacIlleMhìcheil
From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha Alastair MacIlleMhìcheil (Beurla: Alistair Carmichael) ’na fhear-poileataigs sa Phàrtaidh Libearal Deamocratach agus ’na bhall de Phàrlamaid Westminster airson Arcaibh agus Sealtainn o 2001 agus e a' leantainn Seumas Uallas.
Quick Facts Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte, ball 53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...
Close
Bhon Dàmhair 2013 gun Cèitean 2015 bha e ’na Rùnaire Stàite na h-Alba.
Rugadh e ann an Ìle agus bha e 'na oileanach ann an Oilthigh Ghlaschu agus Oilthigh Obar Dheathain. Dh'obraich e mar neach-lagha agus leas-procadair a' Chrùin gu 2001.[1]