Alasdair Iain MacAsgaill
sgrìobhadair Gàidhlig agus maighstir-sgoile / From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Alasdair Iain MacAsgaill (Alex John Macaskill no Alex J., 28 an t-Samhain 1922- ), às a' Bhac, Leòdhas, na sgrìobhadair, deasaiche agus maighstir-sgoile.[1]
Alasdair Iain MacAsgaill | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Am Bac, 22 dhen t-Samhain 1922 |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair |
Sgrìobh e do An Gaidheal, Gairm, agus do Transactions of the Gaelic Society of Inverness. Dheasaich e dà obair chudromach ann an litreachas Gàidhlig an 20mh linn: Luach na Saorsa (1970), an leabhar-là cogaidh agus bàrdachd aig Murchadh Moireach; agus An Toinneamh Dìomhair (1973), bàrdachd Mhurchaidh MhicPhàrlain. Cuideachd, dheasaich e Rosg nan Eilean (1966), taghadh de sgeulachdan goirid bho Ghairm, a chaidh a chleachdadh gu bitheanta ann an sgoiltean.
Bha e na thidsear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis,[2] agus an uair sin chaidh e na cheannard-sgoile ann am Port Rìgh agus Calasraid.[3]