Alasdair Allan
neach-poileataigs à Alba / From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e Ball Pàrlamaid na h-Alba a tha ann an Alasdair Allan. Tha e na bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Na h-Eileanan an Iar.
Bho 7 an Dùbhlachd 2011 bha e air a bhith 'na Mhinistear airson Foghlam, Saidheans agus Cànanan na h-Alba gu 2016 nuair an deach e 'na Mhinistear airson Leasachaidh Eadar-Nàiseanta agus Eòrpa[1] ach chaill e an dreuchd seo nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2] Tha Gàidhlig fhileanta aige agus Albais. Sgrìobh e tràchdas PhD mu dheidhinn na h-Albais, anns an Albais fhéin.[3]
Rinn e iomairt airson a' Ghàidhlig nochdadh air Duolingo is i soirbheachail.[4]
Is ann às na Crìochan a tha e. Rugadh e ann an Ashkirk ann an 1971. Chaidh e gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain. As dèidh sin, dh'obraich e airson Eaglais na h-Alba mar oifigear naidheachd agus airson a' Phàrtaidh Nàiseanta ann an Ceann Phàdraig agus ann an Dùn Èideann. Tha e a' seinn ann an Còisir Sgìre a' Bhac.[5]