Ailean Caimbeul
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e Sgitheanach a tha ann an Ailean Caimbeul a tha air a bhith aig cridhe iomadach iomairt is adhartais a thaobh na Gàidhlig. Thug e faisg air fichead bliadhna air Urras an t-Sabhail Mhòir. Bha e na Cheannard air a' BhBC air a' Ghàidhealtachd. An dèidh sin mar Cheannard air Comunn na Gàidhlig stèidhich agus stiùir e iomairt airson Achd Gàidhlig, agus b’ esan a’ chiad Cheannard air Bòrd na Gàidhlig eadar 2003 agus 2007.[1] Leig e suas a dhreuchd mar cheannard Comunn na Gàidhlig ann an 2023.[2]