'S e provincia na Spàinne a tha ann an A Coruña (IPA: a koˈɾuɲa, Gàidhlig: Corùna, Spàinntis: La Coruña). Tha e na laighe anns A' Ghàilis, air an àirde an iar-thuath na dùthcha. 'S e Corùna a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh na Gàilise i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh A Coruña fad 7,950km²[3] agus tha 1,147,124 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an 32mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an deicheamh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Lugo agus Pontevedra.[5] 'S e Gailisis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.