Uilleam Uallas
From Wikipedia, the free encyclopedia
Bu treòraiche Albannach Uilleam Uallas, a dh' èirich suas an aghaidh fòirneart Shasainn ann an Alba aig deireadh an 13mh linn.
Uilleam Uallas | |||
---|---|---|---|
1297 - 1298 ← Iain na h-Alba - Raibeart I na h-Alba, Iain III Comyn, Morair Bhàideanach → | |||
Beatha | |||
Breith | Achadh na Feàrna agus Comhairle Siorrachd Rinn Friù, 3 dhen Ghiblean 1270 | ||
Dùthaich | Rìoghachd na h-Alba | ||
Bàs | Smithfield (en) , 23 dhen Lùnastal 1305 | ||
Àite-adhlacaidh | Lunnainn | ||
Nàdar a’ bhàis | peanas bàis (crochadh, tarraing le eich is ceathramhachadh) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Malcolm Wallace | ||
Màthair | Margaret Crawford | ||
Cèile | Marion Braidfute (en) | ||
Foghlam | |||
Cànain | Meadhan-Bheurla | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | ceannard airm agus freedom fighter (en) | ||
Seirbheis san arm | |||
Ìre |
knight (en) oifigeach coitcheann | ||
Strì |
Blàr Drochaid Shruighlea Blàr na h-Eaglaise Brice Cogaidhean Neo-eisimeileachd na h-Alba First War of Scottish Independence (en) |
Bha e air cheann airm Albannach a thug a' bhuaidh a-mach an aghaidh feachd Shasannach aig Sruighlea ann an 1297. Bha an t-arm Sasannach trì uairean na bu lìonmhoire na an t-armailt Albannach agus Iarla Shurreigh air a cheann.
Air do Uallas an t-saorsa a choisinn do Alba, bhrist e a-steach air taobh tuath Shasainn le 20 000 fear, agus rinn e mòran call air feadh na dùthcha sin mar dhìoghaltas airson an fhòirneirt a bha na Sasannaich a' dèanamh air Alba. Nuair a thill iad air ais bhon sgrìob sin ghairm an t-arm agus an sluagh Uallas gu bhith na Àrd-riaghladair air Alba. Theireadh ris, an dèidh seo, Sìr Uilleam Uallas, Riaghladair Alba.
Air 22mh de mhìos deireannach an t-samhraidh, 1298, chaill Uallas Blàr na h-Eaglaise Brice an aghaidh armailt a bha trì uairean na bu lìonmhoire na an t-armailt aige fhèin. B' e Rìgh Eideard Shasainn a bh' air cheann an airm Shasannach an turas seo. B' fheudar dha Eideard an t-armailt Sasannach a bha a' cogadh san Fhraing a mhàrsail a-nall a dh'Albainn gus an Rìoghachd sin a cheannsachadh às ùr nuair a chaidh sgrios a dhèanamh air armailt an Iarla Shurreigh aig Sruighlea.
An dèidh a' chath fhuilteach seo, b' èiginn do Eideard, le cion bìdh, an fheachd a mhàrsail air ais do Shasann an ceann a dhà no thrì sheachdainnean gun bhuille tuilleadh a bhualadh. B' e innleachd Uallais an dùthaich fhàsachadh ach nach faigheadh arm coimheach a bheathachadh bhuaipe. Mar sin, fhuaireadh Baile Shruighlea, Cill Rìmhinn 's Peairt mar an ceudna nan lasraichinn nuair a chuireadh an t-arm tron dùthaich gus biadh a lorg.
Ged a chuir an t-acras dhachaigh Eideard goirid an dèidh buaidh na h-Eaglaise Brice, thill e agus ruith e thairis air Alba còig turais as a dhèidh le feachd lìonmhor. Mun cuairt de shia bliadhna an dèidh latha na h-Eaglaise Brice, bha gach uasal agus ìosal san rìoghachd ach a-mhàin Uallas fhèin air ùmhlachd aideachadh do Rìgh Shasainn. Bu tearc an luchd-leanmhainn dìleas a bh' aige.
Chuir Eideard suim mhòr de airgead-cinn air 's fa dheòigh thug fear dom b' ainm Sir Iain Menteith, a bha uaireigin na charaid aig Uallas, ach a-nis na cheannard air caisteal Dhùn Bhreatainn fo Eideard, brìb do aon de a sheirbhisich, Iain Cutach, airson a bhrath. Chaidh Uallas a ghlacadh na leabaidh san oidhche aig Robroyston, còig mìle an ear-thuath air Glaschu.
Thugadh a Lunnainn e agus air 23 Sultain, 1305 chaidh a dhìteadh mar reubaltach ged a thuirt Uallas fhèin nach b' urrainn dhaibh a dhearbhadh gum bu reubaltach e, a chionn 's nach do mhionnaich e riamh a bhith dìleas do Rìgh Shasainn, agus nach mionnaicheadh. Bha Uallas dìleas do Rìgh Iain Baliol. Mu dheireadh, chaidh a leth-chrochadh is a leigeil a-nuas leth-mharbh. Thugadh a mhionach às a chom agus loisgeadh mu choinneamh a shùl e. Thug iad an sin an ceann dheth, agus roinn iad a chorp na cheithir cheathramhan. Chuir iad a cheann air crann aig Drochaid Lunnainn agus a làmh dheas os cionn drochaid A' Chaisteal Nuaidh. Chuireadh a làmh thoisgeal an àite follaiseach ann am Bearaig, ceithreamh eile dheth gu ruige Peairt agus a cheamhramh clì do Obar Dheathain.