Uilleam MacBhatair
From Wikipedia, the free encyclopedia
Bha Uilleam MacBhatair (Baile Mhuilinn Anndra, 1865 - 9 am Màrt 1948) no an t-Ollamh William John Watson M.A. LL.D. na shàr-sgoilear agus a' chiad duine a chuir sgrùdadh ainmean àite Albannach air stèidh acadaimeagach. Bha e na thidsear ann a sgoiltean ann an Glaschu, Inbhir Nis agus Dùn Èideann. B' e an uair sin Cathraiche na Ceiltis aig Oilthigh Dùn Èideann a bh' ann bho 1914 gu 1938. B' e a mhac Seumas MacGilleMhìcheil MacBhatair a bha an ath Chathraiche na Ceiltis.
Quick Facts Beatha, Breith ...
Uilleam MacBhatair | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Baile Mhuilinn Anndra, 1865 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 9 dhen Mhàrt 1948 |
Foghlam | |
Foghlam |
Oilthigh Obar Dheathain Oilthigh Oxford |
Cànain |
Beurla Gàidhlig |
Dreuchd | |
Dreuchd | sgrìobhadair agus neach-teagaisg |
Fastaichean | Oilthigh Dhùn Èideann |
Close
Dh'fhoillsich e leabhraichean air rosg, bàrdachd agus ainmean-àite.