Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e ceòl-sgrìobhaiche agus clàrsair à Èirinn a bha ann an Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin (IPA: t̪ˠɾˠeːl̪ˠəx oː ˈcaruːl̪ˠaːnʲ, An Obair 1670 - Béal Átha Fearnáin 25 am Màrt 1738).[1] Shiubhal e timcheall na h-Éireann is e a’ cluiche ceòl is a’ gabhail òran leis na sgrìobh e fhèin agus an-diugh tha e cliùiteach mar sin. Dh' eug e air an 25mh latha dhen Mhàrt 1738 ann an Ros Comáin. Bha e na Chlàrsair a sgrìobh e a chuid ciùil fhèin, a bharrachd air sreath dàna.[2] Thoisich e ceòl ionnsachadh nuair a chaill e a chuid adharc na shùilean ag 18 bliadhna a dh'aois, agus chaidh e air feadh na tìre is e a’ cluiche agus ag snìomh ceòl dhen a h-uile seòrsa. Chluicheadh e ceòl ann an taighean nan uaislean, far a chuala e ceòl Eadailteach agus le sin chruthaich e stoidhle ùr a chithear san aistean-chiùil aige fhèin. Mar thorradh a dhoille chan fhaodadh e ceòl a leughadh neo sgrìobhadh ach mhair timcheall dà cheud pìosan a chum e sa traidisean. Rinn Seán Ó Riada - a bha na bhall Ceoltóirí Chualann - agus daoine eile ath-bheòthachadh air ceòl Uí Chearbhalláin san dàrna leth dhen 20mh Linn agus tha pìosan mar "Sí Bheag, Sí Mhór"[3] agus na pìosan a chleachd Planxty ainmeil gus ar làithean.
Toirdhealbhach Ó Cearbhalláin | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Contae na Midhe, 1670 (Julian) |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Bàs | Béal Átha Fearnáin, 25 dhen Mhàrt 1738 |
Foghlam | |
Cànain | Gaeilge |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, bàrd, seinneadair agus clàrsair |
Gluasad | ceòl barocach |
Gnè ealain | ceòl clasaigeach |
Inneal-ciùil |
clàrsach guth |