Tìr na h-Eaglaise
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile beag dùthchasail air iomall Dhùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Tìr na h-Eaglaise neo Teamhair Eaglais (Laideann: Terra Ecclesiae, Cuimris: Tref yn eglwys).[1] Tha e suidhichte aig 98m os cionn ìre na mara,[2] ann an cridhe Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), faisg air an Abhainn Uisge Cluden.[3] Tha e 250km air falbh bho Obar Dheathain, 94km bho Ghlaschu, 36km bho Chille Chuithbeirt agus 102km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Tìr na h-Eaglaise. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha muileann-sàbhaidh ann[5] Taobh fhoghlaim, chan eil bun-sgoil ann agus le sin feumar a dhol dhan sgoil ann an Dùn Phrìs.
Tìr na h-Eaglaise | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 55° 04′ 44″ Tuath 03° 40′ 33″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Tìr na h-Eaglaise aig Visit Scotland |