Soillseachadh na h-Alba
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e àm sònraichte ann an eachdraidh na h-Alba anns an 18mh linn a bh' ann an Soillseachadh na h-Alba no An Soillseachadh Albannach (Beurla: Scottish Enlightenment, Albais: Scots Enlichtenment). Aig an àm seo, bha Alba na boillsgean innleachdach is saidheansail. Na deasbadan a bha a' tachairt anns na h-oilthighean (Oilthigh Chill Rìmhinn, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Obair Dheathain) agus ann am buidheannan leithid The Select Society agus The Poker Club, bha iad air leth cudromach.