Port Aiseig a' Chrìch
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile agus port air iomall Baile Ùr nan Stiùbhartach ann an Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh a tha ann am Port Aiseig a' Chrìch (Beurla: Creetown, ainm bho thùs: Ferrytown of Cree). Tha e suidhichte mu 18 mìltean deas air Caisteal Dhùghlais. 'S e seo na co-chomharran aige: 54° 54′ 0″ Tuath agus 4° 23′ 0″ Iar. Tha timcheall air 679 duine a' fuireach an seo. [1] Chaidh am baile a thogail ann an 1785 agus bho 1792 tha e na bhaile-malairt (burgh of barony). Tha port mara beag aige. Tha ionad-dualchais aige far a bheil iad a' dèanamh pròiseict air a bheil an t-ainm: "Oral History Project". Bidh seann daoine ag innse mun dòigh-bheatha aca ann am Port Aiseig a' Chrìch. Mar sin tha cruinneachadh mòr ann a-nise a cleachdar airson rannsachadh agus mìneachadh eachdraidh a' bhaile anns na 70 bliadhna sa chaidh. Chleachd Sir Walter Scott cuairteachadh a' bhaile anns an leabhar aige: Guy Mannering.
Port Aiseig a' Chrìch | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Co-chomharran | 54° 54′ 00" Tuath 4° 23′ 00" Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 679 (2011) |
Àireamh fòn | 01671 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |