Pedro Alcántara Herrán
From Wikipedia, the free encyclopedia
B’e Pedro Alcántara Herrán Martínez de Zaldúa (Bogotá 1800 - 1872) saighdear, riochdaire dioplòmasach agus neach-poileataigs à Coloimbia.[1] Fhuair e an t-ainm sin air sàilleabh a chràbhachd chreidmheach gu Naomh Pedro de Alcántara.
Pedro Alcántara Herrán | |||||
---|---|---|---|---|---|
1 dhen Ghiblean 1841 - 1 dhen Ghiblean 1845 ← José Ignacio de Márquez Barreto - Tomás Cipriano de Mosquera → | |||||
Beatha | |||||
Breith | Bogotá, 19 dhen Dàmhair 1800 (Julian) | ||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Bàs | Bogotá, 26 dhen Ghiblean 1872 | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Pedro Antonio Fernández de la Herrán | ||||
Màthair | María Matea Martínez de Zaldúa | ||||
Cèile | Amalia Mosquera (en) | ||||
Clann | |||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||
Foghlam | |||||
Foghlam | St. Bartholomew Major College (en) | ||||
Cànain | Spàinntis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | dioplomat agus neach-poileataigs | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Shabaid Herrán Zaldúa ann an Cogadh an Neo-eisimeileachd eadar 1821 agus 1824, fon Mharasgal Antonio José de Sucre, agus thug e pàirt anns a’ Bhlàr Ayacucho ris a thaobh, agus a bharrachd air chaidh e còmhla ris rè na bliadhnachan nuair a bha esan fhèin a’ riaghladh ann am Boilibhia. Fhuair e iomadh dhreuchd ann s a' Poileataigs an déidh sin. Chuir e am Bun-Reachd dhe 1843 air dòigh fhad ‘s a bha e na cheann-suidhe na Poblachd Ghranada Ùr eadar (1841 agus 1845)[2]. Chuir e poileasaidhean tèarmannach air bhog, chuir e às do shaorsa na meadhanan agus thug e monopolaidh air an fhoghlam dha na sagartan, agus a bharrachd air sin chuir e cead dhan Chomann Ìosaid a thilleadh dhan dùthaich. Thug na Libearalach ris gu dian ann an ùine goirid, leis cho farsaing ’s a bha na atharraidhean tèarmannach a rinn e agus leis cho làidir s’ a bha buaidh na h-eaglaise air a’ chomann shòisealta.
An dèidh a’ chinneas a leigeil, bha e na Mhinistear a’ Chogaidh, na sheanadair, na àrd-sheanailear an airm agus, mu dheireadh thall, na thosgair ann an Washington, D.C. Mar mhinistear làn-ùghdarach Ghranada Ùr ann an Costa Rica ann an 1856 chuir e ainm gu Cunnradh Calvo-Herrán, a’ chiad aonta a dh’fheuch ris an staing eadar an dà dhùthaich air an cuid chrìochan a rèitich[3].
B’ e Antonio Herrán, Àrd Easbaig Bhogotá, a bhràthair.