B’ e cluicheadair agus manaidsear ball-coise Albannach a bh’ ann an Seumas Yuill MacGilleEathain, a rugadh 21 an Giblean 1937. Dh’ fhaodadh a ràdh gur esan aon de na manaidsearan Albannaich a b’ fheàrr a bh’ ann riamh, còmhla ri leithid Alex MacFhearghais, Jock Stein, ‘s mar sin air adhart.
Choisinn e a chliù aig stiùir Dùn Dèagh Aonaichte fad 22 bliadhna. B’ esan am manaidsear a b’ shoirbheachaile ‘s a b’ fhaide a bh’ ann dhaibh riamh; gan toirt gu trì urraman mòra agus gan stèidheachadh mar sgioba làidir ann am farpaisean Eòrpach. Ghabh e na chathraiche anns na h-ochdadan, ‘s e fhathast na mhanaidsear cuideachd, ach leig e dheth a dhreuchd sin ann an 2000. Tha e an-dràsta gun obair làn-tìde, ach a’ sgrìobhadh colbh seachdaineil dhan ''Daily Record''. A dh’aindeoin a bheachdan fhosgarra, ‘s cho iomraiteach ‘s a bha e mar mhanaidsear cruaidh teann, agus mar a chaidh e às rud beag fhad ‘s a bha crìoch a’ tighinn air an t-saoghail-obrach aige, ‘s esan aon de na fir as measail a th’ ann fhathast ann am ball-coise na h-Alba.
Quick Facts Beatha, Ainm slàn ...
Jim MacGilleEathain |
---|
Beatha |
---|
Ainm slàn |
James Yuille McLean |
---|
Breith |
Taigh na h-Uiseig, 21 dhen Ghiblean 1937 |
---|
Dùthaich |
Alba |
---|
Ciad chànan |
Beurla |
---|
Bàs |
Dùn Dèagh, 26 dhen Dùbhlachd 2020 |
---|
Nàdar a’ bhàis |
adhbharan nàdarra (seargadh-inntinn) |
---|
Foghlam |
---|
Cànain |
Beurla |
---|
Dreuchd |
---|
Dreuchd |
cluicheadair ball-coise nan comann agus manaidsear buill-choise |
---|
|
Ionad no sònrachas |
toisiche a-staigh |
---|
Àirde |
178 centimetre |
---|
Close