Jaén (baile)
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e prìomh-bhaile na roinne leis an aon ainm a th' ann am baile Jaén (IPA: xaˈen) , far ainm Prìomh-bhaile na Rìoghachd Naoimh. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na Spàinne anns an ear-thuath Andalusia. Tha àireamh-shluaigh dhe 120,021 aige, neo mu 1/6 àireamh-shluaigh na roinne gu lèir. Tha Jaén ann an teas mheadhan a’ Cheàrna Cathaireil Jaén, far a bheil 1/3 àireamh-shluaigh na roinne na tàmh.
Jaén
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Andalusia | ||||
Sgìre | Jaén | ||||
Co-chomharran | 37° 46′ 00″ Tuath 3° 46′ 16″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 424.30 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 120,021 (2009) | ||||
Dlùths | 282.87/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Talla a' Bhaile Jaén |
Tha Jaén na laighe aig bun a' bheinn ris an canar Cerro de Santa Catalina. Tha lìonra dhe sràidean caola aig cridhe a' bhaile mu thimcheall a' chaisteil. Tha mòran fhearainn torrach làn achaidhean olivares mu thuath. Tha sliabh Jaén agus sliabh Jabalcuz ris an taobh dheas agus iar-dheas, le faiche na h-aibhne Guadalbullón (Wadi Abd Allah ann an Arabais [1]) mu thuath, is an abhainn a' sruthadh dlùth air a' bhaile. 'S e leas-abhainn an Guadalquivir (Al Wadi Al Kebir -An Abhainn Mhòr ann an àrabais) a th' ann an Guadalbullón.